Listen to it!
Èist ris!
Why don't you have a go at this task?
Or you can put it in your bookmarks and come back to it later.
Listen to this recording at least twice. Then try to answer the questions below. Some of the new vocabulary you'll need is below.
Answer the questions about the recording.
Ciamar a chaidh dhut?
Listen to the recording again, but this time you can read this transcription at the same time. You didn't peek already did you?
Theagamh gun tàinig Gàidheil gu cladaichean Siorramachd Inbhir Nis na bu tràithe na àite sam bith eile ann an Ceap Breatainn.
Ràinig a' chiad luchd-àiteachaidh à fearannChloinn Raghnaill – Mùideart, Mòrar, Uibhist is na h-Eileanan Beaga.
Às an deoghaidh sin, thàinig 's thuinich daoine à Strath Ghlais, Loch Abar is feadhainn a bharrachd à Uibhist a Deas—nam measg, Gàidheil a dh'àitich an toiseach an Eilean Eòin.
Dh'fhalbh a' chuid a bu mhotha dhe na daoine seo ann an dùil gum faigheadh iad cuidhteas am fòirneart sna h-àiteachan a chuir iad rin cùl.
Gu dearbha, tràth san naoidheamh linn deug, cha bu mhòr nach deach muinntir Eilein Rùma gu lèir a fhuadach a-null gu tìr aig Caolas Chanso.
Buinidh Gàidheil Shiorramachd Inbhir Nis do dhà eaglais: an Eaglais Phròstanach is an Eaglais Ròimh.
Chithear an-diugh mar a chruthaich na Gàidheil coimhearsnachdan sa bheil cleachdaidhean is cànain ionadail mar a bh' aig an cuideachd air an taobh thall dhen chuan.
Ciamar a chaidh dhut? How did you get on?
Càit an tàinig na Gàidheil na bu tràithe na àite sam bith eile ann an Ceap Breatainn?
Carson a dh'fhalbh a' chuid a bu mhotha de na dhaoine?
Dè thachair ann an Eilean Ruma san naoidheamh linn deug?
Cia mheud eaglais dom buin Gàidheil Shiorrachd Inbhir Nis?
DÈ DO BHEACHD? | WHAT DO YOU THINK?
A bheil thu a' cluinntinn an diofar sa Ghàidhlig aig an neach-labhairt?
A bheil blas Canadach aige?
Am biodh fios agad gur ann à Alba Nuadh a bha am fear a tha a' bruidhinn?
A bheil e furasta no doirbh a thuigsinn?
Dè an dual-chainnt as fheàrr leatsa?