Tha ceòl is òrain aig cridhe dualchas nan Gàidheal agus tha a’ Ghàidhlig aithnichte mar chànan brèagha bàrdail. Ach bha fhios agad air a seo, marthà!
Le bàrdachd aig cridhe a’ chultair, tha ceanglaichean làidir eadar òrain air an seinn agus puirt air a’ phìob, air an fhidhill agus air a’ chlàrsaich.
Cluinnear ceòl is òrain aig iomadh tachartas ann an Alba fhèin agus air feadh an tsaoghail le fèillmhòr air cuid de na hòrain, leithid puirt à beul, òrain obrach (le òrain luaidh agus òrain bhleoghainn nam measg), òrain mholaidh agus òrain tàlaidh.
‘S ann tro bheulaithris a bha òrain agus puirt air an toirt seachad tro na bliadhnaichean agus gu fortanach bha na hòrain air an glèidheadh thar nan linntean.
Mar bu trice, bhiodh òrain Ghàidhlig ag innse sgeulachdan agus bhiodh iad ceangailte ris a’ choimhearsnachd às an tàinig iad.
Lìon na beàrnan anns na seantansan seo le na faclan bhon bhogsa.
òrain tàlaidh | |
òrain mholaidh | |
puirt à beul | |
waulking songs |
òrain tàlaidh
lullabies
òrain mholaidh
songs of praise
puirt à beul
mouth music
waulking songs
waulking songs