See Lesson Content

Fèisean

B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Criomag dualchainnt

Bilingual transcription: Dialect byte

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it’s bannas (gums).

Dè chanar sa Ghàidhlig airson gums?

Tha co-dhiù dà fhacal a’ freagairt air ‘gums’ na Beurla: bannas agus càirean.   Cluinnear bannas ann an Leòdhas, anns Na Hearadh, ann an Uibhist a Tuath, san Eilean Sgitheanach agus ann an Ratharsairbannas.

Ach ‘s e càirean a gheibhear ann am Beinn na Faoghla, Uibhist a Deas, Èirisgeigh, Eilean Bharraigh  agus Ìlecàirean.  

Ged is e bannas a bhios aca anns na Hearadh, tha na Hearaich eòlach air an fhacal càirean, ach ‘s e uachdar no carbad a’ bheòil a tha e ciallachadh dhaibh-san.

Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a ghiebhear sa Ghàidhlig.