See Lesson Content

Ionmhas

B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Criomag dualchainnt

Bilingual transcription: Dialect byte

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it’s criomagan dualchainnt (dialect bytes).

Gheibhear am facal feamainn tric ann an dualchainntean na Gàidhlig agus a’ freagairt air ‘seaweed’ na Beurla – feamainn. ‘S e as bitheanta ann an Leòdhas, anns Na Hearadh, ann an Uibhist a Deas, san Eilean Sgitheanach agus ann an Ratharsair a thuilleadh air Muile. Uaireannan cluinnear feamad an àite feamainn, feamad, mar eisimpleir ann an Scalpaigh na Hearadh agus ann an Ùige Leòdhais  

Ach ann am Barraigh is an Èirisgeigh, ‘s e todhar a chanas iad – todhar.  Ann an Uibhist a Tuath is Beinn na Faoghla, cluinnear an dà chuid, feamainn agus todhar.  Anns an fharsuingeachd ‘s e todhar cuideachd a chanar airson ‘manure’. 

Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig.