Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.
Tha sinn a’ cumail oirnn a’ coimhead ri gnìomhairean anns an tràth chumhach leis a’ ghuth fhulangach, the conditional tense in the passive voice.
Anns a’ phrògram roimhe, thug sinn sùil air na gnìomhairean riaghailteach mar pàigh:
Phàighte na cìsean.
Agus cuideachd air a’ ghnìomhair bi:
Bhite an dùil … Phàighte agus Bhite.
An turas seo, ‘s iad dà ghnìomhair neo–riaghailteach, a bhios fa–near dhuinn:
faic, see, faic agus
(Joy beat) get,
faigh, faic agus faigh.
Agus leis an dà ghnìomhair seo, tha sinn a’ tòiseachadh leis a’ chruth theachdail, the future form:
chì, will see, chì, a tha ag atharrachadh sa chruth seo gu:
chìte, would or could be seen, chìte.
To say, They would or could be seen protesting:
Chìte iad/a’ togail fianais, Chìte iad/a’ togail fianais.
Sin an cruth neo–eisimeileach dhen ghnìomhair, the primary or independent form.
Airson a’ chruth eisimeilich, tòisichidh sinn a–rithist leis an tràth theachdail,
gum faic, agus atharraichidh sin faic gu faicte,
gum faicte, gum faic agus gum faicte.
Mar eisimpleir dhen seo, chanadh sinn:
Thuirt e gum faicte iad/a’ togail fianais. He said that they would or could be seen protesting,
Thuirt e gum faicte iad/a’ togail fianais.
A–nis, dè mu dheidhinn sùil a thoirt air
faigh, to get, faigh. Anns an tràth theachdail, gheibh.
Gheibh sinn … We’ll get, Gheibh sinn …
Agus bidh sin ag atharrachadh gu:
Gheibhte … airson would be got or could be got, Gheibhte …, an tràth cumhach fulangach, the conditional passive.
Nam biodh tu airson A lot of information would or could be got a ràdh,chanadh tu:
Gheibhte/tòrr fiosrachaidh, Gheibhte/tòrr fiosrachaidh.
Agus a–rithist, airson a’ chruth eisimeilich, the dependent form, tha gum faigh ag atharrachadh gu gum faighte. Thuirt i gum faighte/tòrr fiosrachaidh, She said that a lot of information would or could be obtained: Thuirt i gum faighte/tòrr fiosrachaidh.