Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?
Cha chreideadh tu e! “Tha làn thìd’ agad dreuchd cheart fhaighinn, a ghràidh” Sin a thuirt i! Mo sheanmhair fhìn! M’ fhuil agus m’ fheòil! Agus dè th’ ann an dreuchd cheart co-dhiù…? ’S iomadh duine aig a bheil barrachd air aon thuarastal.
Eil fios agad gu robh fear le Gàidhlig à Eilean Ghiogha ann an leabhar nan clàr air sgàth ‘s gu robh trì obraichean deug aige aig an aon àm. Am measg nan obraichean b’ e draibhear ambaileans a bh’ ann, draibhear bus na sgoile, fear-aiseig, òstair, neach-smàlaidh, poileas, neach-adhlacaidh, agus neach-clàraidh. Cò thuirt nach b’ urrainn do neach iomadh obair a dhèanamh?
Ann an sgìrean dùthchail gu h-àraidh, faodaidh dhà no thrì dhiofar dhreuchdan a bhith aig neach. Mar an seo ann am Barraigh, dh’fhaodadh croitear a bhith ri iasgach, obair-turasachd, agus le dreuchd ghlèidhte eile – a reserved position – dreuchd ghlèidhte. Sin obair a tha thu a’ dèanamh nuair a tha feum air, mar neach–smàlaidh, no maor-chladaich. Agus ‘s ann airson blasad de dhreuchd ghlèidhte a tha mise an seo.
Tha dreuchd ghlèidhte air a bhith aig DòmhnallMacLeòid fad còrr air còig bliadhna fichead, còmhla ri Institiùd Nàiseanta Rìoghail nam Bàta-Teasairginn – an RNLI – Institiùd Nàiseanta Rìoghail nam Bàta-Teasairginn.
CALUM: A Dhòmhnaill tha mi a’ coimhead air adhart ri ar cuairt à-mach an-diugh, ciamar a tha dreuchd ghlèidhte ag obair?
DW: Answer – how does retained job work? Pay?
CALUM: Dh’fhaodadh sibh a bhith air ur gairm uair sam bith airson a toirt a-mach. Dè seòrsa buaidh a tha sin a’ toirt oirbh fhèin?
DW: Ma thig gairm feumaidh tu falbh.
CALUM: Dè cho tric ‘s a bhios sibh air ur gairm a-mach?
CALUM: Tha fhios gu bheil tursan ann a tha doirbh, ciamar a bhios sibh a’ dèiligeadh ris a sin?
CALUM: Agus choisinn thu fhèin duais RNLI agus fhuair thu MBE airson daoine a shàbhaladh? ++ Bu mhi an sgiobair nuair a chaidh gheat a shàbhaladh ann am fìor dhroch mhuir. Am muir as miosa a chunna mi nam sheirbheis. Chaidh an duais a bhuileachadh orm ann an Lùchairt Bhuckingham leis a’ bhanrigh.
CALUM: Agus feumaidh tu a bhith fallain airson an obair seo a dhèanamh?
DW: Tha thu air do dheagh thrèanadh ann am Poole – ann an tòin Shasainn far a bheil prìomh oifisean an RNLI. Agus bidh sinn ri trèanadh eile mar a chì thu fhèin an-diugh. Gach duine a’ fàs cleachdte ri obraichean, ris a’ bhàta, is rudan mar ma thèid duine thairis a’ chliathaich. OUT chuir e a-mach a ghualainn anns a’ chreag ann a Pabbaigh.
Ach gu fortanach chan e cùis-èiginn a tha seo ach eacarsaich. Tha mi fhìn gu math eòlach air a bhith a’ snàmh san t-sàl – in the sea water – san t-sàl. Ach an-diugh tha e math a bhith ann am muir fosgailte – open sea – muir fosgailte agus tioram air bàta. Ach cha bhi mise dìreach a’ coimhead an eacarsaich. Tha fear den chriutha, Russell, airson a dhol dhan uisge agus tha e an urra riumsa coimhead a-mach air a shon. Tha an sgioba ga thogail agus a h-uile duine a’ coileanadh an dreuchdan gu sàbhailte, gu sgiobalta agus gu proifeiseanta. Tha mise a’ dèanamh mo chuid fhèin gus cobhair a dhèanamh air. Tha Russell air ais air bòrd agus ann an deagh shunnd!
Cha do rinn mi moran, ach bha mi mar phàirt den sgioba co-dhiù.
Abair dreuchd ghlèidhte! Daoine a tha deiseil agus deònach am beatha fhèin a chur ann an cunnart airson neach eile a shàbhaladh. Agus nach e a tha iomchaidh gun deach urram a bhuileachadh air Dòmhnall – an honour was bestowed upon him – urram a bhuileachadh air leis a’ bhanrigh airson a shaothair. Bidh leithid Dhòmhnaill a’ fàgail caladh nuair a bhios daoine eile nan suidhe / an tac an teine – sitting comfortably by the fireside – nan suidhe an tac an teine. Agus feumaidh mi ràdh gur e urram mòr a th’ air a bhith ann dhòmhsa a bhith nan cuideachd an-diugh.
Agus a Sheanmhair, dreuchd cheart gun cheist!