See Lesson Content

Fastadh

B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Cuibhle

Bilingual transcription: Wheel

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it’s criomagan dualchainnt (dialect bytes).

Dè a chanar sa Ghàidhlig airson ‘wheel’?

Ann an cuid de sgìrean ‘s e facal–iasaid on fhacal wheel san Albais a chleachdar. Cluinnear cuibhle ann an Leòdhas, Taobh Siar Rois agus Eilean Ratharsair – cuibhle. Ann am Muile agus anns Na Hearadh, canaidh iad cuibheall, cuibheall agus anns an Eilean Sgitheanach cluinnear an dà chuid, cuibhle agus cuibheall.

Tha roth ga chleachdadh ann an Uibhist, Beinn na Faoghla, Barraigh, Tiriodh, Ìle is Diùra. Ann an eilean Arainn, chleachdte cuibheall airson cuibheall–shnìomha agus roth airson cuibhlichean eile.

Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig.