See Lesson Content

Co-fhaireachdainn

B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Duine gasta

Bilingual transcription: A fine person

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.

JOY

Anns a’ Ghàidhlig, bidh am buadhair, the adjective,  a’ tighinn às dèidh, no a’ leantainn, an ainmeir, the noun. Mar seo:

duine gasta, a fine person, or a fine man, duine gasta.

No eisimpleir eile:

bàrd cliùiteach, an acclaimed poet, bàrd cliùiteach.

Ach, tha àireamh bheag de bhuadhairean a thig ron ainmear, before the noun, mar:

deagh, good or fine, deagh.

Excellent or great,

sàr, sàr.

Agus first, chief or prime prìomh, prìomh.

Dh’fhaodar iad sin a chleachdadh, mar eisimpleir, ann an:

deagh dhuine, a good person, a good man, deagh dhuine.

Agus ann an leithid: sàr-eòlaiche, an expert, sàr-eòlaiche.

Agus fear air am bi sibh gu math eòlach:

Prìomh Mhinistear / na h–Alba, First Minister of Scotland, Prìomh Mhinistear na h–Alba.

Ach, san dol seachad, ma tha sinn a’ bruidhinn air Prime Minister,

‘s e Prìomhaire / na Rìoghachd Aonaichte as cumanta,

Prìomhaire na Rìoghachd Aonaichte.

Chuala sibh sèimheachadh a’ tachairt le cuid dhiubh, leithid Prìomh Mhinisteir.

Ach tha feadhainn eile ann mar ath, next, ath;

a few, or the odd: corra, corra,

agus old, seann, seann.

Bidh iad sin uile ag adhbharachadh sèimheachadh ach, ged a bhios seann ag adhbharachadh sèimheachadh cha bhi e a’ sèimheachadh air na litrichean d, t agus s.

Mar sin: seann chàr, an old car, seann chàr,

ach an old man or an old person:

seann duine, seann duine.

Agus lorgaidh sibh an tuilleadh eisimpleirean air an làraich againn.