B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: B’ urrainn dhomh…

Bilingual transcription: I could…

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.

JOY

Tha sinn a’ dol a choimhead an-dràsta air iomlaid, inversion. Ann an sreath B a h-aon, chunnaic sinn mar a chanadh sinn rudan mar:

B’ urrainn dhomh / maraton a ruith, I could run a marathon, leis an ainmear an toiseach: maraton a ruith.

Agus chi sinn an aon rud le Feumaidh.

Mar eisimpleir:

Tha mi / a’ leughadh leabhraichean, I’m reading books.  Tha mi / a’ leughadh leabhraichean.

Ach nuair a chleachdas sinn feumaidh, leithid:

Feumaidh mi / leabhraichean a leughadh. I must read books. Feumaidh mi leabhraichean a leughadh.

Tha an t–ainmear a’ tighinn ron ghnìomhair.

Agus a’ coimhead ris an t-seantans seo:

Tha Anna / a’ togail thaighean ùra, Anna is building new houses, a’ togail thaighean ùra.

Ma tha sinn airson Anna needs to build new houses a ràdh, ‘s e:

Feumaidh Anna / taighean ùra a thogail a chanas sinn.  Feumaidh Anna taighean ùra a thogail.

Agus seall dè thachras nuair a chleachdas sinn feuch:

Dh’fheuch Anna ri / taighean ùra a thogail. Anna tried to build new houses. Dh’fheuch Anna ri taighean ùra a thogail.

Bidh iomlaid cuideachd a’ tachairt san tràth choileanta, the perfect tense.

 Mar eisimpleir: Tha Anna air / taighean ùra a thogail. Anna has built new houses. 

Tha Anna air taighean ùra a thogail. 

Agus gheibh sibh tòrr a bharrachd fiosrachaidh mun seo air an làraich againn.