B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: An t-Eilean Sgitheanach

Bilingual transcription: The Isle of Skye

Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?

An t-Eilean Sgitheanach! Air an Eilean no far an Eilein. Beanntan corrach, Precipitous mountains, beanntan corrach, glinn iongantach, amazing valleys, glinn iongantach agus lochan-mara mìorbhaileach and fantastic sea lochs, lochan-mara mìorbhailleach. Cruth-tìre air leth.

’S beag an t-iongnadh gu bheil e ainmeil. Ach… Ach… Dè ma tha an t-eilean ainmeil seo a’ mealladh dhaoine? Deceiving each and every one of us! Yes, a’ mealladh dhaoine.

Thàinig ceangal gu tìr-mòr le drochaid ann an naoi ceud naochad ’s a còig. Agus canaidh cuid leis a’ cheangal a tha seo, gun do dh’atharraich an t-Eilean! Thàinig connspaid agus còmhstri an cois na drochaid – controversy and conflict, connspaid agus còmhstri – two good words to always have on the tip of your tongue

Ach tha an drochaid a’ togail ceist chudromach… ceist nach deach a dheasbad? A much bigger question that hasn’t been debated properly… chun a seo!

Mar a tha an seanfhacal ag ràdh, “Cha tuigear feum na tobrach gus an traogh i.” You don’t know what you’ve got until it’s gone. Or do you?!

Tha Gilleasbuig Fearghasdan tric gu ugannan ann an leabhraichean, agus gu leòr dhiubh sin mu eileanan.He’s surrounded by books. Is cinnteach gum bi beachd aigesan air dè dìreach a th’ ann an eilean.

Calum: Gilleasbuig, an e Eilean a tha anns an Eilean, no anann air Rubha Sgitheanach a tha sinn an-dràsta?

Gilleasbuig: An t-eilean! Sin mar a bhruidhinneas Sgitheanaich air mar as trice agus sin mar a tha sinn a’ smaoineachadh. A dh’ aindeoin drochaid.

Calum: Dè dh‘ atharraich san eilean leis gun tàinig drochaid?

Gilleasbuig: Tha barrachd ‘s barrachd dhaoine air a bhith tadhail anns an eilean. Tha barrachd dhaoine air a bhith a’ tighinn a dh’ fhuireach ann. Tha daoine a tha air an dreuchd a leigeil dhuibh a’ tighinn a dh’ fhuireach dhan eilean fhad ‘s a tha mòran dhen òigridh a’ gluasad air falbh gu tìr mòr dhan bhaile mhòr gus obair a lorg.

Calum: A bheil an drochaid air toirt air daoine eile a’ cheist a chuir “An e Eilean a th’ anns an Eilean?”

Gilleasbuig: Tha leabhar sònraichte ann mu h-eileanan na h-Alba le fear Hamish Haswel-Smith. Tha e a’ mìneachadh nach eil an t-Eilean Sgitheanach na eilean dha rìreabh tuilleadh na bheachd fhèin seach gu bheil an drochaid ann. Gu bheil an t-eilean air eileanachd a chall airson an leabhar sin.

Calum: Leis a sin a bheil eileanachd/ a bhith nad eileanach na staid inntinn?

Gilleasbuig: Ma smaoineachas sinn air Innis Tìle agus nuair a tha sinne a’ smaoineachadh air, tha sinne a’ smaoineachadh air eilean, annasach bholcànach an deis-mheadhain a’ Chuain Siar. Ach a bheil, smaoinich, fear-lagh ann an Rejkavich a bheil esan a’ smaoineachadh air fhèin mar eileanach? Dh’ fhaoidte gu bheil, dh’ fhaoidte nach eil. Drochaid ann no às.

A bheil e gu diofar? –does it matter? –A bheil e gu diofar? Tha e nas fhasa faighinn ann agus faighinn às. Ach tha caractar an eilein fhathast làidir agus tha e fhathast eadar-dhealaichte bho àiteachan eile.

‘S e am bàrd John Donne a thuirt “No man is an island” agus e ag ràdh gu robh gach duine is àite ceangailte.

An e eilean a th’annamsa? Mas e, ’s e a’ cheist, dè seòrsa eilean? Eilean creagach le craobhan is droch aimsir. A rugged island with trees and bad weather.

Creagan, craobhan, droch aimsir… Agus dh’fheumadh tu snàmh airson faighinn thuige! An dùil a bheil Eilean Chaluim an àite sam bith? Neo Eilean Joy?

Chan eil fhios a’m dè seòrsa eileanan a bhiodh unnta ach gu cinnteach bhiodh fios aig Joy dè seòrsa aimsir ris am biodh dùil, nach biodh?!