B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Gnìomhairean neo-riaghailteach san tràth theachdail

Bilingual transcription: Irregular verbs in the future tense

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.

JOY

Tha mi airson bruidhinn mu ghnìomhairean neo‑riaghailteach anns an tràth theachdail, irregular verbs in the future tense.

Ach an turas seo, bheir sinn sùil orra sa ghuth fhulangach, in the passive voice. This allows us to say something impersonal and more formal in the future tense.

Mar eiseimpler faigh, get, faigh.

Anns an tràth theachdail bidh faigh ag atharrachadh gu gheibh, will get, gheibh.

Agus anns a’ ghuth fhulangach, bidh sin ag atharrachadh gu

gheibhear, will be got, or can be had, gheibhear.

Mar as trice, bidh seo a’ nochdadh ann an suidheachadh foirmeil seach ann an còmhradh neo–fhoirmeil.

Seo eisimpleir dheth ann an seantans:

Gheibhear fiosrachadh / air an eadar–lìon.

Information is available or can be gotten on the internet.

Gheibhear fiosrachadh / air an eadar–lìon.

Chì sibh gun do chuir sinn –ear aig deireadh an fhacail, gheibh.

Dè mu dheidhinn aonan eile?

dèan, do or make, dèan.

San tràth theachdail ‘s e a bhios againn, , will do or will make, .

Ach leis a’ ghuth fhulangach,

gheibh sinn: nithear, will be made, nithear.

Agus airson nithear a chleachdadh ann an abairt:

Nithear càrn mòr / de chlachan beaga.

A big cairn is made from little stones!

Nithear càrn mòr / de chlachan beaga.

Tha deich gnìomhairean neo–riaghailteach againn sa Ghàidhlig, ten irregular verbs, agus gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mun deidhinn air an làraich againn. 

Nise, nach gabh sinn cuairt a-mach ann an cuideachd ar caraidean, agus feuch an cluinn sibh eisimpleirean dhen tràth theachdail sa ghuth fhulangach.