Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?
Nach riochdail an sealladh! Geall gu bheil fhios a’m dè do bheachd orm ‘s mi nam shuidhe an seo: tha còir agam a bhith ag obair. Tha thu a’ smaoineachadh gu bheil mi a’ gabhail brath – taking advantage – a’ gabhail brath. Ach chan ann gun adhbhar a tha mi nam shuidhe an seo ge-tà. Seo an t-àite-tuineachaidh – the settlement – an t-àite-tuineachaidh as fhaid’ an iar ann an Alba. ‘S e Eileanan an Easbaig – the Bishop’s Isles – Eileanan an Easbaig a chanar ri Bhatarsaigh agus na h-eileanan eile a tha deas air Barraigh. Bha uair ann agus bha iad fo smachd nan Lochlannach ach ’s fhad an t-saoghail bhon uairsin.
An-diugh ‘s e Eilean Bhatarsaigh an aon fhear de dh’Eileanan an Easbaig anns a bheil daoine a’ fuireach. Nam biodh cuid air an toil fhaighinn – had got their wish – air an toil fhaighinn, cha bhiodh duine beò an seo. Ro dheireadh na naoidheamh linn deug bha an sluagh air an cur far an eilein – off the island – far an eilein. Dhiùlt an t-uachdaran, a’ Bhana-mhorair/Bhaintighearna? Gòrdan Cathcart, a bha a’ fuireach ann an Siorrachd Obar Dheathain, èisteachd ri tagraidhean bho chroitearan nan eilean a bha faisg, am fearann a chleachdadh. Mu dheireadh roghnaich cuid dhiubh gun gabhadh iad fhèin an gnothach os làimh – in their own hands – os làimh.
Nach math gun nochd Rèidearan Bhatarsaigh – the Vatersay Raiders – Rèidearan Bhatarsaigh! Deagh ainm do bhuidheann de ghaisgich threuna a bha air an cur thuige cho mòr – so frustrated, so annoyed – air an cur thuige cho mòr agus gun do ghabh iad sealbh air fearann an eilein ann an naoi ceud deug ’s a sia (1906).
Tha Màiri Chaimbeul glè eòlach air sgeulachd nan rèidearan agus am a’ bheatha chruaidh a bh’ aig sluagh Mhiùghalaigh, deich mìle deas air Bhatarsaigh. Mairi Chaimbeul is very familiar with the raiders story and the tough lives faced by those who lived in Mingulay 10 miles south of Vatersay.
Calum: A Mhàiri. Inns dhomh cò bh’ anns na rèidearan?
Màiri: Aon duine deug a bha a’ fuireach ann am Barraigh is Miughalaigh a bha ag iarraidh fearann. Thàinig iad ann an 1906 agus ghabh iad sealbh air pìos fearainn ann an Eòrasdail, air taobh thall an eilein. Bha beachd ann nan togadh tu taigh ann an latha agus teine a’ lasadh ann gum b’ ann leat a bha am fearann. Chur iad buntàta cuideachd.
Calum: Carson a rinn iad sin?
Màiri: Bha a’ Bhean-uasal Cathcart air cead a dhiùltadh dhaibh buntàt’ fhàs air Bhatarsaigh. Rud a bha an tuathanach/ am fear-taca a bha ann air leigeil leotha dhèanamh ron a sin. Agus nochd an tuilleadh dhaoine tron t-samhradh sin.
Calum: An robh seo mì-laghail?
Màiri: Bha e mì-laghail gun teagamh agus nochd a’ chiad aon duine deug a thàinig anns a’ chùirt ann an Dùn Èideann air an ath bhliadhna. Chaidh am faighinn ciontach ach a-mhàin aon duine, is chuir iad seachad dà mhìos sa phrìosan ach chan ann airson dachaighean a thogail gun chead. Leis nach robh an t-airgead aca airson siubhal a Dhùn Èideann gus nochdadh nuair a bha còir aca rinn iad tàire air a’ chùirt.
Calum: An robh a’ chùis seo ainmeil aig an àm? Bha gu dearbha! Chaidh a dheasbad ann an Taigh nam Morairean. Mar a shaoileadh tu, bha iadsan gu mòr air taobh na mnà-uasail Cathcart. “Gnìomh oillteil” a rinn na coitearan, is cha robh unnta ach “treubh de spùinneadairean.” (A monstrous action, gang of pirates)
Calum: Dè thachair an uairsin?
Màiri: Uill cha do chosg iad ach sia seachdainean sa phrìosan, agus ann an 1908, às dèidh cuideam a thighinn bhon riaghaltas, bha aonta ann gun d’ rachadh croitean a stèidheachadh a Bhatarsaigh.
A’ coiseachd a-null gu baile fàs Eòrasdail, tha mi a’ cuimhneachadh air sgeulachd a bh’ aig bana-charaid. Thuirt duin’-uasal ri a seanmhair agus e air turas dhan eilean aice: “Nach sibh a tha fad às – far away, remote – fad às an seo? “Fad às?! Cò às? Ars ise! Bidh cuid a’ coimhead air àite dhen t-seòrsa seo agus a’ smaoineachadh gur e fàsach iomallach, fhiadhaich – a wild and remote wilderness – fàsach iomallach, fhiadhaich a th’ ann. Ach nam b’ e seo an t-àite ris an robh thusa an urra, airson thu fhèin is do chuideachd a bheathachadh, tha fios gum biodh luach anabarrach ann dhut.
Anns a’ chòrr is leth-cheud bliadhna aig an robh sealbh aig a’ Bhean-uasal Cathcart air na h-eileanan seo, cha do thadhal i orra ach aon turas. Gu sealladh orm! – my goodness! – Gu sealladh orm! Aon turas! Ach ’s e a’ cheist dhòmhsa, rèidearan oillteil no gaisgich dhàna? Tha mi a’ creids gu bheil e uile a-rèir do lèirsinn fhèin. Ach Joy, feumaidh mi ràdh gu bheil mo lèirsinn fhìn a’ còrdadh rium!