Bilingual transcription: Mugdock Castle
Bilingual transcription: Caisteal Mhugdock
Carson nach tèid sinn air splaoid ann an cuideachd Chaluim MhicIlleathain?
… agus ’s e “Bi glic, bi glic!”, a bhios gille-brìghde ag ràdh! Agus air m’ onair, sin mar a chuala mise e!
O, sin sibh!
Na gabhaibh dragh, chan eil mi idir cho faoin ris na faoileagan—as silly or as foolish as the seagulls. “Cho faoin ris na faoileagan.”
Bha mi dìreach a’ seanchas ris na h-eòin.
Seanchas. Chan e dìreach a bhith ag innse sgeulachd, no ag aithris stòiridh a th’ ann. Tha còir aige còrdadh riuthasan a tha ag èisteachd agus ris an neach a tha ag innse na sgeòil. ’S e tachartas a th’ ann, agus tha companas—companionship—na lùib. Rud a tha gu buannachd an dà thaobh, chanainn.
Dìreach mar a tha na còmhraidhean a bhios agam fhìn ’s agaibh fhèin…!
Coltach ris na bàird a bha aig cinn-cinnidh—agus cluinnidh sibh barrachd mun deidhinn sin ann am prògram fichead ’s a dhà—bhiodh seanchaidhean tric air am fastadh airson eachdraidh a ghlèidheadh agus airson cur-seachad air oidhcheannan fada geamhraidh.
Chan eil deagh sgeulachd gad fhàgail. Tha i a’ lasadh do mhac-meanmna—firing your imagination.
Tha mi air bràigh Ghlaschu—on the uploads or braes of Glasgow—faisg air Caisteal Mugdock, seann chathair-cinnidh nan Greumach. The stronghold or clan seat of the Grahams.
Tha ùidh mhòr aig Àdhamh Ó Broin ann an seanchas is seanchaidhean.
- [Cailean]
- Àdhamh, dè th’ ann an seanchaidh dhutsa?
- [Àdhamh]
- Seanchaidh cuideigin a tha a’ dìon ghnothaichean prìseil. Sin agad e, mar sin tha mòran gnothaichean, mar a dh’abhair tu, tha iad a’ dol a dhìth, tha iad a’ dol air chall. Agus ’s e seanachaidh cuideigin a bhios a’ togail nan gnothaichean sin agus gan cumail sàbhailte.
- [Cailean]
- Às an liuthad sgeulachd a th’ agad agus a chuala tu, a bheil tè as fheàrr leat?
- [Àdhamh]
- Tha e a rèir, tha fhios agad, dè tha mi a’ feuchainn ri toirt seachad, eil fhios agad, fon, nuair a bhios mise a’ toirt seachad nan sgeul, thig gnothaichean gu bàrr, thig beachdan gu bàrr nam inntinn ’s an sin theiridh mi, “O, tha sgeul agam a bhuinneas de sin is bidh e math.”
- [Cailean]
- A bheil sgeulachd agad dhomh an-diugh?
- [Àdhamh]
Tha. Bha dà bhalach ann, agus cha robh ainmean air na balaich, ach tha mise a’ dol a thoirt Donnchadh agus Lachann orra.
Agus ’s e Oidhche Challainn a bh’ ann agus thug iad an aire nach robh gu leòr a dh’uisge-beatha aca, agus mar sin, dh’fhalbh iad a-mach às a’ bhaile, an dithis aca còmhla, chun an taighe-seinnse a bu dlùithe dhaibh, agus nuair a bha iad a’ tilleadh, bha iad a’ tighinn seachad air àite ris an abrair iad, “Creag nan Seòmbraichean”.
Agus, bha e dubh dorch agus fhad ’s a bha iad a’ dol seachad air a’ chreig a bha sin, chuala iad ceòl a’ tighinn a-mach às a’ chreig.
Thuirt iad ri chèile, “Dè fon ghrèin a tha a’ dol an seo?” Chunnaic iad gun robh seòmbar sa chreig agus gun robh na sìthichean a-staigh an sin, ’s bha iad a’ dannsa ’s bha iad ag òl ’s bha a h-uile rud a’ dol.
O agus chunnaic Donnchadh gun robh ban-sìthichean bòidheach a-staigh an sin is, och, bha a h-uile rud ann an sin air am biodh tu an dùil, am biodh tu ag iarraidh, ’s thuirt e, “Tha mise a’ dol a-staigh an sin”.
Sin rud mu dheidhinn deagh sgeulachd—bheir i ùine ga h-innse. Ach na gabhaibh dragh, gheibh sibh an sgeulachd shlàn aig Àdhamh air duilleagan SpeakGaelic air-loidhne.
- [Àdhamh]
- Agus sin agaibh mar a thàinig “Creag nan Seòmbraichean” a bhith air a chur air an àite. Agus, mar a b’ àbhaist na seann daoine a ràdh: “Mas e breug bhuamsa, ’s e breug thugamsa.”
- [Cailean]
- Àdhamh, bha sin sònraichte, tapadh leatsa.
- [Àdhamh]
- ’S e do bheatha gu lèir.
Tha sgeulachdan gar ceangal ri chèile, ri ar tìr agus ri ar n-eachdraidh. Nach e call uabhasach a bhiodh ann nan cailleadh sinn sgilean seanchais agus aithris.
Chan eil fhios a’m an e seanchaidh a th’ annamsa. Nas coltaiche ri “cainnt-chluichidh”?
Uill, cha mhiste sgeul math aithris dà uair. Ach chan eil fhios a’m an canadh duine sin mu na cainnt-chluichean agamsa…
Trobhadaibh, an cuala sibh mun spùinneadair a fhuair cas fhiodh ùr, ach nach sguireadh a bhruidhinn mun tè a bh’ aige roimhe? Bha e a’ seanchas air seann chas.
Àidh Joy, tha fhios a’m, feumaidh mi obrachadh air an tè ud! An tè ad… Arrr!