B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Trusadh is rùsgadh

Take two: Gathering and shearing

Let’s have a look at this conversation again.

Bha thu a’ fuireach air croit nuair a bha thu beag, nach robh? You lived on a croft when you were small, didn’t you?
Bha gu dearbh. Bidh m’ athair fhathast ag obrachadh na croite. I did indeed. My father still works the croft.
Càite bheil a’ chroit aige? Where’s his croft?
‘S ann anns an Rubha a tha a’ chroit aige. ‘S e fìor dheagh choimhearsnachd a th’ ann agus tha a h-uile duine a’ cuideachadh a chèile. Ach bidh mo bhràthair ‘s mi fhèin fhathast ga chuideachadh aig amannan sònraichte sa bhliadhna. His croft is in Point. It’s a really good community and everyone helps each other. But my brother and I still help him at certain times of the year.
Ciamar a bhios sibh ga chuideachadh? How do you help him?
Bidh sinn a’ toirt taic dha as t-earrach, aig àm breith nan uan. We help him in the spring at lambing time.
A bheil e a’ còrdadh riut a bhith air do chois tràth sa mhadainn air latha fuar earraich? Do you like to get up early in the morning on a cold spring day?
Chan eil e a’ còrdadh rium, ach tha mi cleachdte ris! Nuair a bha e fhèin òg bhiodh m’ athair air a chois tràth sa mhadainn a h-uile latha a’ bleoghann na bà. I don’t like it but I’m used to it! When he was young, my father would be up early in the morning every day milking the cow.
Abair beatha chruaidh! What a hard life!
Na làithean seo chan eil aige ach a bhith a’ biadhadh a’ chruidh. Co-dhiù, chan eil e fada gus an tig an samhradh. These days all he has to do is feed the cattle. Anyway, it isn’t long until summer comes.
Dè bhios sibh a’ dèanamh as t-samhradh? What do you do in the summer?
An toiseach bidh sinn a’ trusadh nan caorach. Bidh spòrs gu leòr an sin. An uair sin bidh sinn a’ rùsgadh nan caorach. Firstly we’ll gather the sheep. There’s plenty of fun (and games) there. Then we shear the sheep.
An còrdadh e riut a bhith ag obair air a’ chroit fad na h-ùine? Would you like to work on the croft all the time?
‘S e sin a’ cheist! Chòrdadh, ach tha mi eadar dà shaoghal a-nis! Chì sinn dè thachras! That’s the question! I would, but I’m between two worlds now. We’ll see what happens!