B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

An dàrna turas: Chì mi Muile

Take two: I see Mull

Let’s have a look at this conversation again.

Am bi thu a’ faicinn na mara bhon taigh agad? Do you see the sea from your house?
Cha bhi, gu mì-fhortanach. Thog cuideigin taigh ùr air beulaibh an taighe againn. Tha mi a’ cluinntinn na mara, ge-tà! I don’t (see), unfortunately. Someone built a new house in front of our house. I hear the sea, though!
Ach tha an taigh agaibh faisg air an tràigh, nach eil? But your house is near the beach, isn’t it?
Och, tha. Nuair a bhios mi a’ coiseachd air an tràigh, chì mi an taigh agam! Och, yes (it is). When I walk on the beach, I can see my house!
Nuair a bhios mise a’ ruith air a’ chladach ‘s toigh leam a bhith a’ faireachdainn na gainmhiche fo mo chasan agus a’ faicinn cop na mara a’ dannsadh air na tuinn. When I run on the shore, I like to feel the sand under my feet and to see the sea foam dancing on the waves.
Nuair a bhios mise a’ coiseachd air a’ mhonadh agus air a’ mhòintich os cionn na tràghad, chì mi Muile— When I walk on the hill and moor above the beach, I see Mull—
Seadh. Agus—? Uh huh. And—?
Agus chì mi na h-Eileanan mu dheas: Cearrara, Colbhasa, Diùra, Eilean Luinn, Lios Mòr agus air latha math, Ìle! And I see the Islands to the south, Kerrera, Colonsay, Jura, (the isle of) Luing, Lismore and on a good day, Islay!
Tha deannan math de na h-Eileanan a-staigh agad an sin! That’s quite a few of the Inner isles (Inner Hebrides) you have there!
‘S cinnteach gum bi thu fhèin a’ faicinn deannan math de Na h-Eileanan Siar, nuair a bhios tu fhèin a’ seòladh dhachaigh. I’m sure you yourself see a good few of the Outer Hebrides (The Western Isles) when you’re sailing home.
Bidh gu dearbh. Tha mi air a bhith air cha mhòr a h-uile bàt’-aiseig a th’ aig Mac a’ Bhriuthainn (CalMac). Tha mi air a bhith ann am Barraigh, Èirisgeigh, Uibhist a Deas, Beinn na Faoghla agus Uibhist a Tuath. I do indeed. I’ve been on practically every MacBraynes’ (CalMac) ferry. I’ve been in Barra, Eriskay, South Uist, Benbecula and North Uist.
Gun ghuth air Na Hearadh is Eilean Leòdhais! Not to mention Harris and the Isle of Lewis!
Sin e dìreach! Agus nuair a bhios mi aig an taigh chì mi iomadach nì eile: an rubha pìos air falbh, an t-allt a bhios a’ sruthadh sìos chun a’ chladaich agus laimhrig far a bheil eathar beag no dhà air acair. Exactly! And when I am at home, I see many other things: the headland a little bit away, the stream which runs down to the shore, and the mooring where there are a couple of small boats at anchor.
Eileanan eireachdail! Beautiful islands!