Take two: He's getting better!

An dàrna turas: Tha piseach a' tighinn air!

Let's have a look at this conversation again.  

chat avatar

Seall! Tha piseach a' tighinn air!

Look! He's getting better!

chat avatar

Iain, chuir thu clisgeadh oirnn uile! Ciamar a tha thu a' faireachdainn?

John, you gave us all a fright! How do you feel?

chat avatar

Tha mi fada nas fheàrr às dèidh dhomh cupa teatha òl. 

I feel much better after drinking a cup of tea.

chat avatar

'S iad na pilichean a thug an dotair dhut a rinn a leigheas, chan iad an fheadhainn a thug mise dhut!

It's the pills the doctor gave you that made/did the cure, not the ones I gave you!

chat avatar

'S iad! Tha e coltach gun robh freagairt aileirdsig agam ri rudeigin sa bhiadh!

Indeed (It is)! It looks like I had an allergic reaction to something in the food!

chat avatar

Agus ciamar a tha do làmhan is do chasan a–nis?

And how are your hands and feet now?

chat avatar

Cha bhi mi a' seasamh air mo leth–chois uaireigin a dh'aithghearr! Tha mi rud beag cugallach fhathast!

I won't be standing on one leg (lit. half–leg) anytime soon! I'm still a little unsteady!

chat avatar

Agus ciamar a tha an tuainealaich nad cheann?

And how is the dizziness in your head?

chat avatar

Dh'fhalbh i. Chan eil mo cheann goirt nas motha. Thuit mi air mo bheul fodha dìreach mus tàinig an ambaileans (carbad–eiridinn).

It's gone. My head doesn't hurt either. I fell on my face just before the ambulance came.

chat avatar

Cha robh fhios agam air a sin. Dè thachair?

I didn't know that. What happened?

chat avatar

Cha do thachair càil! Cha robh ann ach sgròbag. Tha mi a' faicinn ceart gu leòr le mo leth–shùil!

Nothing happened! It was just a scratch. I can see just fine with my one eye (lit. half–eye)!

chat avatar

Dè tha thu a' ciallachadh, le do leth–shùil?

What do you mean, with your half eye?

chat avatar

Cha robh mi ach ri fealla–dhà! 'S e gàire a nì leigheas! Tha mi ceart gu leòr agus tha mi ag iarraidh a dhol dhachaigh!

I was only kidding! Laughter is the best medicine! I'm fine and I want to go home!