My head is spinning now

Tha mo cheann a' dol tuathal a–nis

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations.

chat avatar

'S e suipear mhath dha–rìribh a bha siud, Anna. Ach tha amharas agam gu bheil losgadh–bràghad orm a–nis!

That was a really good supper, Anna. But I suspect I have heartburn now!

chat avatar

Tha mi toilichte agus duilich sin a chluinntinn. Fuirich mionaid. Gabh na pilichean seo—bidh iad a' ruith ann an uisge.

I'm pleased and sorry to hear that. Wait a minute. Take these pills—they dissolve in water.

chat avatar

Tapadh leatsa. Obh! Tha mi a' smaoineachadh gun do chuir sin an tuaineal orm.

Thank you. Oh dear! I think that made me dizzy.

chat avatar

A bheil thu ceart gu leòr, Iain?

Are you okay, John?

chat avatar

Chan eil. Tha mo cheann a' dol tuathal a–nis.

No (I'm not). My head is spinning now.

chat avatar

Mo chreach! A Mhàiri, an cuidich thu mi?

Goodness me! Màiri, can you help me?

chat avatar

Cuidichidh! Dè tha ceàrr air Iain? An e tinneas an t–siùcair a th' ann?

I will (help)! What is wrong with John? Is it diabetes?

chat avatar

Chan eil fhios ’am. Tha fhios gun robh athair a' fulang le bruthadh–fala àrd, ach tha Iain cho fallain ri fiadh.

I don't know. It is known that his father suffered from high blood pressure, but John is as fit as a fiddle (lit. as healthy as a deer).

chat avatar

Tha gu dearbh, ach bidh thu a' cluinntinn mu dhaoine—fir òga gu sònraichte—a bhios a' fulang grèim–cridhe gun fhiosta.

He is indeed, but you hear about people—young men especially—who suffer heart attacks without warning.

chat avatar

Feumaidh sinn ambaileans (carbad–eiridinn) fhaighinn sa bhad. Tha e goirid san anail agus tha e ann am breislich.

We need to get an ambulance immediately. He is short of breath and he's delirious.

chat avatar

Bha an cràdh a' dol tromham, agus a-nis tha mo chasan agus mo làmhan a' meileachadh.

The pain was going through me, and now my legs and hands are going numb.

chat avatar

Iain, a bheil thu gam chluinntinn?

John, can you hear me?