Bilingual transcription: Dialect byte
Bilingual transcription: Criomag dualchainnt
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it’s bannas (gums).
Dè chanar sa Ghàidhlig airson gums?
Tha co-dhiù dà fhacal a’ freagairt air ‘gums’ na Beurla: bannas agus càirean . Cluinnear bannas ann an Leòdhas , anns Na Hearadh , ann an Uibhist a Tuath , san Eilean Sgitheanach agus ann an Ratharsair – bannas.
Ach ‘s e càirean a gheibhear ann am Beinn na Faoghla , Uibhist a Deas , Èirisgeigh, Eilean Bharraigh agus Ìle – càirean .
Ged is e bannas a bhios aca anns na Hearadh, tha na Hearaich eòlach air an fhacal càirean, ach ‘s e uachdar no carbad a’ bheòil a tha e ciallachadh dhaibh-san.
Agus chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a ghiebhear sa Ghàidhlig.