Bilingual transcription: Responsibilities
Bilingual transcription: Dleastanasan
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.
Ann an obair sam bith, bidh dleastanasan , duties, againn uile. Agus tha diofar dhòighean ann air seo a chur an cèill, there are different ways of expressing this.
Nach tòisich sinn leis an fhacal bheag ri, to, ri , agus bheir iomlaid,inversion, taic dhuinn leis a seo.
Tha an ath sheantans gu math sìmplidh:
Tha mi a' dèanamh / tòrr obrach , I'm doing a lot of work. Tha mi a' dèanamh tòrr obrach.
Ach, ciamar a chanas sinn I have a lot of work to do? Le bhith a' cleachdadhri, gheibh sinn:
Tha tòrr obrach agam / ri dhèanamh, Tha tòrr obrach agam ri dhèanamh.
Agus eisimpleir a chluinneas sinn gu math tric ann am mòran àiteachan–obrach:
Tha mi / a' sgrìobhadh aithisg , I'm writing a report, Tha mi a' sgrìobhadh aithisg.
Ach, ma tha thu airson 'I have a report to write' a ràdh:
Tha aithisg agam / ri sgrìobhadh. I have a report to write. Tha aithisg agam ri sgrìobhadh.
Nise, tha doigh eile ann air seo a ràdh le bhith a' cur an gnìomhair feum , an sàs. By using the verb, must, feum .
Agus ged a bhios iomlaid ann, chan eil feum air ri an turas seo! We don't need to use ri. (keep gfx up to here)
Le bhith a' cleachdaidh nan eisimpleirean a bh' againn roimhe, gheibh sinn:
Feumaidh mi / tòrr obrach a dhèanamh . I must do a lot of work! Feumaidh mi / tòrr obrach a dhèanamh
And if you have to write a report, it's:
Feumaidh mi / aithisg a sgrìobhadh . I must write a report! Feumaidh mi aithisg a sgrìobhadh.