What did you see there?

Dè chunnaic thu an sin?

Let's have a look at this discussion. By the end of this section, you will have learned some valuable phrases that you can use in lots of different conversations.

chat avatar

Cuin a chaidh thu gu gailearaidh ealaine mu dheireadh?

When did you last go to an art gallery?

chat avatar

Chaidh mi gu Gailearaidh Portraid Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann aig toiseach na bliadhna.

I went to the National Portrait Gallery in Edinburgh at the beginning of the year.

chat avatar

Cha robh mi a-riamh ann. Dè chunnaic thu an sin?

I've never been (there). What did you see there?

chat avatar

Chunnaic mi ìomhaigh bhrèagha de Shomhairle MacGill-Eain an sin.

I saw a beautiful statue/sculpture of Sorley Maclean there.

chat avatar

Am faic thu mòran dhealbhan no ìomhaighean de na Gàidheil an sin?

Do you [will you] see many pictures or sculptures of (the) Gaels there?

chat avatar

Chan fhaic. Chì thu dealbhan is ìomhaighean de dh'Albannaich, ge-tà.

No (won’t see). You (will) see pictures and sculptures of Scots, though.

chat avatar

Am faic thu mòran dhealbhan le Albannaich, luchd-ealain Albannach?

Do you/will you see many pictures by Scots, Scottish artists?

chat avatar

Chan fhaic. 'S iad Albannaich—a' mhòr-chuid dhiubh fireannaich—a bhios anns na dealbhan agus anns na h-ìomhaighean, ach chan iad luchd-ealain Albannach air fad a rinn na h-obraichean-ealain.

You don't/won't (see). It's Scots—mostly men—who're in the pictures and in the sculptures, but it's not all Scottish artists who (have) made the works of art.

chat avatar

Càit am faic sinn obraichean-ealain Gàidhealach eile ma-thà?

Where will we see Highland works of art then?

chat avatar

An deach thu dhan Lanntair ann an Steòrnabhagh a-riamh?

Did you ever go/have you ever been to An Lanntair in Stornoway?

chat avatar

Cha deach. An tig thu còmhla rium gu gailearaidh ealaine An Lanntair uaireigin?

I didn't (go)/I haven't (been). Will you come with me to the Lanntair art gallery sometime?

chat avatar

Thig! Rachamaid ann an ath thuras a bhios mi aig an taigh!

I will (come)! Let's go the next time I'm at home!