Did you ever see it?

Am faca tu a-riamh e?

Why don't you have a go at this task?

Look at the questions below. Do you know the correct version of the verb in the tràth caith te (past tense) or in the tràth teachdail (future tense)?

_________ thu cùrsa Gàidhlig no cùrsa ealaine an‑ath‑bhliadhna?dèan
Dè ____ thu ma thèid thu gu taigh‑tasgaidh faisg ort?faic
Ciamar a ______ thu dhan ghailearaidh ealaine sa bhaile?rach
Càit ________ tu an taisbeanadh mu dheireadh a chunnaic thu?faic
Cuin e mu dheireadh a ____ thu biadh sònraichte do chuideigin?dèan
________ duine sam bith a chèilidh ort a‑raoir no a' bhon‑raoir?thig
Càit _______ thu air làithean‑saora an‑uiridh no a' bhon‑uiridh?rach
________ tu a‑riamh dealbh ainmeil? Càit _______ tu e?faic
Cuin a _____ thu gu clasaichean ealaine còmhla rium a‑rithist?thig
Dè _____ thu an turas mu dheireadh a chaidh thu a Ghlaschu?dèan

Ciamar a chaidh dhut? How did you get on?

An dèan thu cùrsa Gàidhlig no cùrsa ealaine an‑ath‑bhliadhna?dèan
Dè chì thu ma thèid thu gu taigh‑tasgaidh faisg ort? faic
Ciamar a chaidh thu dhan ghailearaidh ealaine sa bhaile? rach
Càit am faca tu an taisbeanadh mu dheireadh a chunnaic thu? faic
Cuin mu dheireadh a rinn thu biadh sònraichte do chuideigin? dèan
An tàinig duine sam bith a chèilidh ort a‑raoir no a' bhon‑raoir? thig
Càit an deach thu air làithean‑saora an‑uiridh no a' bhon‑uiridh? rach
Am faca tu a‑riamh dealbh ainmeil? Càit am faca tu e?faic
Cuin a thig thu gu clasaichean ealaine còmhla rium a‑rithist? thig
Dè rinn thu an turas mu dheireadh a chaidh thu a Ghlaschu? dèan
An dèan thu cùrsa Gàidhlig no cùrsa ealaine an-ath-bhliadhna?
Will you do a Gaelic course or an art course next year?
Dè chì thu ma thèid thu gu taigh-tasgaidh faisg ort?
What will you see if you go to a museum near you?
Ciamar a chaidh thu dhan ghailearaidh ealaine sa bhaile?
How did you go to the gallery in the town?
Càit am faca tu an taisbeanadh mu dheireadh a chunnaic thu?
Where did you see the last exhibition that you saw?
Cuin mu dheireadh a rinn thu biadh sònraichte do chuideigin?
When did you last make a special meal [food] for someone?
An tàinig duine sam bith a chèilidh ort a-raoir no a' bhon-raoir?
Did someone come to visit you last night or the night before (last)?
Càit an deach thu air làithean-saora an-uiridh no a' bhon-uiridh?
Where did you go on your holidays last year or the year before (last)?
Am faca tu a-riamh dealbh ainmeil? Càit am faca tu e?
Have you/did you ever seen a famous painting? Where did you see it?
Cuin a thig thu gu clasaichean ealaine còmhla rium a-rithist?
When will you come to art classes with me again?
Dè rinn thu an turas mu dheireadh a chaidh thu a Ghlaschu?
What did you do the last time you went to Glasgow?