B1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Eacarsaich chànain

Language exercise

Why don’t you have a go at this task! This one really is good If you have a Gaelic‑speaking friend. You can do this together. If not, no problem!

Read these riddles and try to work out the answers.

Tha bràthair aig bràthair m’ athar, is cha bhràthair athar dhòmhsa e.

My father’s brother has a brother, and he isn’t my father’s brother.

Chan ith thu e, is chan òl thu e, is cha bhi thu beò às aonais.

You can’t eat it, you can’t drink it, and you cannot live without it.

Chan eil e a-muigh, chan eil e a-staigh, is chan eil an taigh ann às (a) aonais.

It isn’t outside, it isn’t inside, and it isn’t a house without it.

Tha tòimhseachan agam ort: Chan e do cheann, chan e do chas, chan e d’ aodach, chan e d’ fhalt, chan e ball a tha nad chorp, ach tha e ort, is cha tomhais thu e.

I have a riddle for you: It isn’t your head, it isn’t your foot/leg, it isn’t your clothes, it isn’t your hair, it isn’t a part of your body, but it is on you [you have it], and you won’t guess it.

Thèid i a-null air a’ chuan, thig i a-nall air a’ chuan, innsidh i naidheachd, is cha chan i guth!

She’ll [it] will go over the ocean, she’ll come over the ocean, she will tell news/stories, and she won’t say a word.

How did you get on?

Tha bràthair aig bràthair m’ athar, is cha bhràthair athar dhòmhsa e.

Freagairt: m’ athair

Answer: my father

Chan ith thu e, is chan òl thu e, is cha bhi thu beò as aonais.

Freagairt: anail

Answer: breath

Chan eil e a‑muigh, chan eil e a‑staigh, is chan eil an taigh ann às (a) aonais.

Freagairt: balla

Answer: a wall

Tha tòimhseachan agam ort, chan e do cheann, chan e do chas, chan e d’ aodach, chan e d’ fhalt, chan e ball a tha nad chorp, ach tha e ort, is cha tomhais thu e.

Freagairt: d’ ainm

Answer: your name

Thèid i a‑null air a’ chuan, thig i a‑nall air a’ chuan, innsidh i naidheachd, is cha chan i guth!

Freagairt: litir

Answer: a letter