Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Ceòl is Òrain

Music and Songs

Tha ceòl is òrain aig cridhe dualchas nan Gàidheal agus tha a’ Ghàidhlig aithnichte mar chànan brèagha bàrdail. Ach bha fhios agad air a seo, marthà! 

Le bàrdachd aig cridhe a’ chultair, tha ceanglaichean làidir eadar òrain air an seinn agus puirt air a’ phìob, air an fhidhill agus air a’ chlàrsaich. 

Cluinnear ceòl is òrain aig iomadh tachartas ann an Alba fhèin agus air feadh an tsaoghail le fèillmhòr air cuid de na hòrain, leithid puirt à beul, òrain obrach (le òrain luaidh agus òrain bhleoghainn nam measg), òrain mholaidh agus òrain tàlaidh

‘S ann tro bheulaithris a bha òrain agus puirt air an toirt seachad tro na bliadhnaichean agus gu fortanach bha na hòrain air an glèidheadh thar nan linntean. 

Mar bu trice, bhiodh òrain Ghàidhlig ag innse sgeulachdan agus bhiodh iad ceangailte ris a’ choimhearsnachd às an tàinig iad. 

GNÌOMH | LÌON A’ BHEÀRN AGUS EADARTHEANGAICH 

Lìon na beàrnan anns na seantansan seo le na faclan bhon bhogsa. 

òrain tàlaidh  
òrain mholaidh  
puirt à beul  
waulking songs  

Ciamar a chaidh dhut? Seo dhut na freagairtean!  
How did you get on? Here are the answers! 

òrain tàlaidh lullabies 
òrain mholaidh songs of praise 
puirt à beul mouth music 
waulking songs waulking songs