B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Naoi

Bilingual transcription: nine

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it’s how to say the number nine in Gaelic.

Dè a chanar sa Ghàidhlig airson an àireamh, Nine?  Thèid na h-àireamhan sìmplidh eile fhuaimneachadh cha mhòr san aon dòigh. Ach tha nine eadar-dhealaichte. ‘S e naoi (“nuw-ee”) a chanas iad anns na h-eileanan mu dheas, bho Uibhist a Deas is Barraigh gu Ìle is Cinn Tìre, dìreach mar a tha e air a litreachadh, naoi (“nuw-ee”).  Nas fhaide tuath, tha iad a’ cur fuaim gh leathann ris. ‘S e naoi-gh (“nuw-ee-gh”) a tha aca ann an Leòdhas, naoi-gh.  Agus ‘s e naodh a chanas iad anns na Hearadh, ann an Uibhist a Tuath agus san Eilean Sgitheanach, naodh.  Uaireannan ge-tà, canaidh feadhainn naong. 

 ‘S chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas de dhualchainntean  a gheibhear sa Ghàidhlig.