Finish it!
Cuir crìoch air!
| Dh'fhairich mi pian shearbh ___________ nam bhroinn nuair a bhuail e mi. | am broinn + mi |
| I felt a sharp pain _________ inside me when he hit me. | |
| Cha do ruith mi ________________ nuair a chaidh i tarsaing an rathaid. | an dèidh + i |
| I didn't run _________ when she crossed the road. | |
| A bheil fios agad cò chluicheas aig a' chèilidh ______________? | an dèidh + iad |
| Do you know who will play at the party _____________? | |
| Tog am bogsa dubh sin agus a h–uile rud a tha _______________. | am broinn + e |
| Pick up that black box and all that's ________________. | |
| Lorg an t–arc–eòlaiche cnàmhan _______________________. | am broinn + an tobhta (f) |
| The archaeologist found bones _________________. |
Seo dhut nam freagairtean!
Here are the answers!
| Dh'fhairich mi pian shearbh nam bhroinn nuair a bhuail e mi. | am broinn + mi |
| I felt a sharp pain inside me when he hit me. | |
| Cha do ruith mi na dèidh nuair a chaidh i tarsaing an rathaid. | an dèidh + i |
| I didn't run after her when she crossed the road. | |
| A bheil fios agad cò chluicheas aig a' chèilidh nan dèidh? | an dèidh + iad |
| Do you know who will play at the party after them? | |
| Tog am bogsa dubh sin agus a h–uile rud a tha na bhroinn. | am broinn + e |
| Pick up that black box and all that's inside it. | |
| Lorg an t–arc–eòlaiche cnàmhan am broinn na tobhta. | am broinn + an tobhta (f) |
| The archaeologist found bones inside the ruin. |