See Lesson Content

Out and About

A2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription - Dachaigh: Air Splaoid

Bilingual transcription - Home: Out and about

MARTAINN

Tha an t-acras air na hamstairean. Am faod mi biadh a thoirt dhaibh?

(The hamsters are hungry.  Can I give them food?)

MÀIRI

Faodaidh. Faodaidh tu rud beag a thoirt dhaibh.

(Yes.  You can give them a little.)

MÀIRI

Faodaidh tu a’ chèidse a ghlanadh. An dèan thu sin?

(You can clean the cage.  Will you do that?)

MÀIRI

Faodaidh tu na dèideagan sin a sgioblachadh. An dèan thu sin?

(You can tidy up those toys.  Will you do that?)

MÀRTAINN

Tha Samir a’ tighinn dhan taigh agam Disathairne.

(Samir is coming to my house on Saturday.)

Am faod mi fhìn agus Samir cluich anns a’ phàirce Disathairne?

(Can me and Samir play in the park on Saturday?)

MÀIRI

Chan fhaod sibh a dhol dhan phàirce. Bidh mise ag obair agus bidh thu fhèin agus Samir a’ cluich an seo.

(No.  You can’t go to the park.  I’ll be working and you and Samir will play here.)

MÀRTAINN

Am faod e fuireach anns an taigh agam airson aon oidhche?

(Can he stay in my house for one night?)

MÀIRI

Chan fhaod.

(No.)

MARTAINN

Am faod sinn piotsa ithe Disathairne?

(Can we eat pizza on Saturday?)

MÀIRI

Faodaidh. Nì sinn piotsa Disathairne. Ni mi fhìn, thu fhèin agus Samir am piotsa as fheàrr leibh.

(Yes. We’ll make pizza on Saturday. Myself, yourself and Samir will make your favourite pizza.)

MÀRTAINN

Am faod mi reòiteag fhaighinn an-dràsta?

(Can I have an ice cream just now?)

MÀIRI

A Mhàrtainn! Am faod mise fois fhaighinn?

(Màrtainn!  Can I have some peace?)

MÀRTAINN

Faodaidh.

(Yes.)

MÀIRI

Faodaidh tu reòiteag bheag fhaighinn.

(You can have a small ice cream.)

MÀRTAINN

Agus am faod mi… ?

(Can I… ?)

MÀIRI

A Mhàrtainn!

(Martin!)