See Lesson Content

Home

A1
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription - Air-loidhne: Dachaighean

Bilingual transcription - Online: Homes

Ailis, Anndra, Seumas and Catrìona all meet up online to discuss their homes

Halò, Ailis. Halò a Chatrìona. Halò a Sheumais. Hello Alice. Hello Katherine. Hello James.
A Chatrìona, a bheil thu anns a’ chidsin? Katherine, are you in the kitchen?
Tha. Seo an cidsin agam. Tha an oifis agam anns a’ chidsin. Yes. This is my kitchen. My office is in the kitchen.
A bheil oifis agadsa a Sheumais? Do you have an office James?
Chan eil oifis agam Ailis. Tha mi anns an t-seòmar-bhìdh. I don’t have an office Ailis. I’m in the dining room.
Tha oifis aig Anndra. Andrew has an office.
Tha. Tha mi anns an oifis agam. Tha an oifis beag ach tha i blàth. Ailis, càit a bheil thusa? Yes. I’m in my office. The office is small but it’s warm. Alice, where are you?
Tha mi anns an t-seòmar-chadail agam. Tha am flat seo fuar. Cò ris a tha an taigh agad coltach a Chatrìona? I’m in my bedroom. This flat is cold. What’s your house like Katherine?
‘S e flat a th’ ann. Tha mi a’ fuireach ann am flat. Tha ceithir seòmraichean beaga ann – cidsin, seòmar-suidhe, seòmar-cadail agus taigh-beag… beag! It’s a flat. I live in a flat. It has four small rooms – kitchen, sitting room, bedroom and a small bathroom.
Tha mise a’ fuireach ann am flat cuideachd. I live in a flat as well.
Cia mheud seòmar a th’ agaibh? How many rooms do you have?
Tha trì seòmraichean cadail againn. Agus taigh-beag… mòr! There are three bedrooms. And a large bathroom!
Tha gàrradh agus tha garaids agamsa. Ach tha an taigh fuar! I have a garden and a garage. But the house is cold!
Cò ris a tha an taigh agad fhèin coltach Anndra? What’s your house like Andrew?
Tha an taigh seo mòr. Tha an oifis beag ach tha cidsin, seòmar-suidhe, dà thaigh-beag, garaids agus gàrradh agam. This house is big. The office is small but I have a kitchen, sitting room, two bathrooms, garage and garden.
Eh? A bheil an taigh agad blàth? Eh? Is your house warm?
Tha an taigh agam blàth… agus cosgail! My house is warm… and expensive!
A bheil loidsear agad? Do you have a lodger?