Bilingual transcription: Through pain
Bilingual transcription: Tro chràdh
Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.
Tha mi airson sùil aithghearr a thoirt air an roimhear, tro, through, tro , leis gu bheil e cho feumail, gu h–àraidh ann an còmhradh mu leigheas.
Bidh tro a' sèimheachadh an ath fhacal, mar eisimpleir
tro chràdh , through pain, tro chràdh.
Le an no am air a cheangal ris, gheibh sinn tron: tron chràdh , through the pain, tron chràdh.
Ach ma bhios sinn a' bruidhinn air cruthan iolra, plurals, tha sinn a' cleachdadh tro na, mar eisimpleir: tro na tuill , through the holes, tro na tuill .
Agus mu dheireadh, faodaidh sinn tro a cheangal ri riochdairean pearsanta, personal pronouns, leithid mi, thu, agus sinn agus sibh. Le bhith a' cleachdadh, mar eisimpleir, mi, tha sinn a' faighinn tromham: bha an cràdh / a' dol tromham, the pain was going through me, bha an cràdh / a' dol tromham .