Bilingual transcription: Whisky
Bilingual transcription: Uisge-beatha
Why not take a trip in the company of Calum MacIlleathain?
TRANSCRIPT
Chan eil mòran eileanan cho ainmeil ris an eilean seo. Agus tha fèill air – there’s a demand for – tha fèill air – aon stuth a tha air a dhèanamh an seo, anns gach ceàrn den t-saoghal – every corner of the world – gach ceàrn den t-saoghal. Stuth a bhios air òl aig fèisean agus fèillean, ann an taighean-òsta agus ann an dachaighean anns gach sgìre.
Agus ‘s e an rud a tha fo mo chasan an seo a tha a’ toirt cliù stuth an eilein shònraichte seo gu aire mhòran. A bheil beachd agad fhathast? Nuair a ruitheas mi tro chuid de na h-ainmean-àite, bidh fhios agad air san spot: Àird Bheag, Àird na h-Otha, Bogha Mòr, Cille Chomain… a bheil e agad? Seadh, ‘s ann an Ìle ghorm an fheòir a tha mi – deagh òran nam bheachd fhìn, thoiribh sùil air na faclan! Ach chan ann a bhruidhinn air òran a thàinig mi a seo. Gu dearbha chan ann…
Seo an t-eilean Albannach sa bheil an àireamh as motha de thaighean-staile, agus tha uisge-beatha an eilein ainmeil airson blas na mònach – the taste of peat – blas na mònach a bhith far mac na bracha – single malt whisky – mac na bracha. An turas sa, ge-tà, chan eil mi airson sgrìob a ghabhail timcheall nan taighean-staile, ‘s ann a tha mi dol a rannsachadh ath-bheòthachadh seann chleachdaidhean.
Tha uisge-beatha air a bhith gu mòr na phàirt de chultar nan Gàidheal. Tha liosta anns an fhaclair ainmeil aig Èideard Dwelly a’ sònrachadh ceithir dramaichean a bu chòir a ghabhail fiù ‘s mus bi thu air do lite ithe sa mhadainn. Am fear-camara a bha gan rannsachadh… san fhaclair, chan ann ann an da-rìreabh.
Nach ann?
Taing do shealbh! – thank goodness – Taing do shealbh!