Poetry
Bàrdachd
Gaelic
'S i a' bhàrdachd bhrèagha Ghàidhlig cuspair an leasain seo.
Bidh sinn a' toirt sùil air cuid de na dàin as ainmeile a sgrìobhadh sa Ghàidhlig.
Bha àite sònraichte aig bàrdachd ann an eachdraidh nan Gàidheal air sgàth 's gun robh na cinn-fheadhna a' fastadh bàrd oifigeil air an robh an t-ainm file no filidh.
Bha dreuchd gu tric a' leantainn ann an teaghlach, agus bha Clann MhicMhuirich aithnichte mar sàr-bhàird.
Bha na filidhean seo a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig Chlasaigeach no Nua-Ghàidhlig Thràthail, an cànan stèidhichte foirmeil a bhathas a' cleachdadh ann an Èirinn cuideachd, agus bha buntanas aig Clann MhicMhuirich ri Èirinn.
Bha a' bhàrdachd a bhiodh aig na filidhean seo a' leantainn nòs traidiseanta, le cànan foirmeil agus meatrachd stèidhichte.
Nuair a chaidh siostam nan cinnidhean a thoirt às a chèile anns an t-seachdamh agus ochdamh linn deug, bha barrachd bàrdachd ga sgrìobhadh ann an Gàidhlig na h-Alba, agus ged a bha stoidhle agus nòsan aca, cha robh iad cho stèidhichte is a bha nòs nam filidhean.
Anns an latha an-diugh, tha bàrdachd Ghàidhlig ga sgrìobhadh anns a h-uile nòs eadar Haiku agus saor-rannaidheachd.
English
Beautiful Gaelic poetry is the subject of this lesson.
We will look at some of the most famous poems written in Gaelic.
Poetry had a special place in the history of the Gàidheil because the chiefs employed an official poet called file or filidh.
Professions [vocations] often ran in families, and Clann MacMhuirich were known as excellent poets.
These filidhean wrote in Classical Gaelic or Early Modern Gaelic, the established formal language that was also used in Ireland, and Clann MacMhuirich had a connection to Ireland.
The poetry of these filidhean followed a traditional style, with formal language and established metre(s).
When the clan system was dismantled in the seventeenth and eighteenth centuries, more poetry was written in Scottish Gaelic, and although they had their style and traditions, they were not as established as the style of the filidhean.
Nowadays, Gaelic poetry is written in every style from Haiku to free verse.
Do you know what do these words mean?
Use a dictionary if you need to (https://learngaelic.scot/dictionary).
filidh |
bàrd |
dàn |
duan |
meatrachd |
dàn dìreach |
còrdadh |
sruth-fhacal |
ruitheam |
comhardadh |
samhlachas |
samhla |
ìomhaigh |
rannaidheachd |
ìomhaigheachd |
brìgh |
ciall |
seagh |