See Lesson Content

Fastadh

B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Dleastanasan

Bilingual transcription: Responsibilities

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases.

Ann an obair sam bith, bidh dleastanasan, duties, againn uile. Agus tha diofar dhòighean ann air seo a chur an cèill, there are different ways of expressing this.

Nach tòisich sinn leis an fhacal bheag ri, to, ri, agus bheir iomlaid,inversion, taic dhuinn leis a seo.

Tha an ath sheantans gu math sìmplidh:

Tha mi a’ dèanamh / tòrr obrach, I’m doing a lot of work. Tha mi a’ dèanamh tòrr obrach.

Ach, ciamar a chanas sinn I have a lot of work to do? Le bhith a’ cleachdadh ri, gheibh sinn:

Tha tòrr obrach agam / ri dhèanamh, Tha tòrr obrach agam ri dhèanamh.

Agus eisimpleir a chluinneas sinn gu math tric ann am mòran àiteachan–obrach:

Tha mi / a’ sgrìobhadh aithisg, I’m writing a report, Tha mi a’ sgrìobhadh aithisg.

Ach, ma tha thu airson ‘I have a report to write‘ a ràdh:

Tha aithisg agam / ri sgrìobhadh. I have a report to write. Tha aithisg agam ri sgrìobhadh.

Nise, tha doigh eile ann air seo a ràdh le bhith a’ cur an gnìomhair feum, an sàs. By using the verb, must, feum.

Agus ged a bhios iomlaid ann, chan eil feum air ri an turas seo! We don’t need to use ri. (keep gfx up to here)

Le bhith a’ cleachdaidh nan eisimpleirean a bh’ againn roimhe, gheibh sinn:

Feumaidh mi / tòrr obrach a dhèanamh. I must do a lot of work! Feumaidh mi / tòrr obrach a dhèanamh

And if you have to write a report, it’s:

Feumaidh mi / aithisg a sgrìobhadh. I must write a report! Feumaidh mi aithisg a sgrìobhadh.