B2
Dashboard
sg-star
Complete for 2 points

Bilingual transcription: Nàbaidhean

Bilingual transcription: Neighbours

Watch this clip where Joy gives us some of her useful tips and favourite phrases. This time it’s criomagan dualchainnt (dialect bytes).

Dè chanar sa Ghàidhlig airson ‘neighbour’?

Tha dà fhacal ann a chuireas ‘neighbour’ an cèill – fear on Ghàidhlig fhèin is fear eile on Lochlannais. Gheibhear an t–iasad Lochlannach, nàbaidh, ann an Innse Gall, san Eilean Sgitheanach is Ratharsair agus ann an Siorrachd Rois is Cataibh, nàbaidh. Chualas aig aona neach ann an Ealaghol san Eilean Sgitheanach an cruth nàbaire, nàbaire. Anns a’ chòrr dhen Ghàidhealtachd, ‘s e coimhearsnach no comharsnach, a chluinnear, coimhearsnach. Agus ann an Ìle, a thuilleadh air coimhearsnach, cluinnear uaireannan coimhearstnach le ‘t’– coimhearstnach.

‘S chan eil an sin ach blasad dhen bheairteas dhualchainntean a gheibhear sa Ghàidhlig.